![]() |
Geama ciùil FigureFlight, a choisinn duais ‘Curiosity Award’ |
Tha MG ALBA agus Bòrd na Gàidhlig air a thighinn còmhla le Sgoil Ion-shamhlachaidh
is Lèir-choltachaidh (SimVis) aig
Sgoil Ealain Glaschu gus Sgoilearachd ùr “LearnGaelic” a thairgse, chaidh
fhoillseachadh an-diugh, Dimàirt 4 Iuchar 2017. Tha an sgoilearachd seo ga cur air adhart mar phàirt de dhealas ùr a
bhith a’ leasachadh ghoireasan eadar-ghnìomhach airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig
agus cuirear taic ri neach ionnsachaidh na Gàidhlig gus àite a ghlèidheadh air ceum MSc ann an Geamaichean
Reachdmhor agus Mas-fhìorachd aig SimVis a’
tòiseachadh bhon t-Sultain 2017.

‘S e gnìomhachas mòr agus fàsmhor a tha ann an Gèamaichean Reachdmhor agus Mas-fhìorachd, agus
bheir an ceum MSc seo na sgilean do dh’oileanaich a bhith nam prìomh nuadhasairean
ann an roinn a tha brosnachail agus a tha a’ sìor leasachadh. Mar phàirt den phrògram, bidh na h-oileanaich
a tha soirbheachail a’ leasachadh ghèamaichean agus nithean mas-fhìorachd eile gus taic a chur ri
ionnsachadh na Gàidhlig.

Thuirt Daniel Livingstone, Ceannard Phrògraman Iar-cheumnach aig
Sgoil Ion-shamhlachaidh is Lèir-choltachaidh: “Tha Gèamaichean
Reachdmhor agus Mas-fhìorachd a-nis nam margaidhean cruinneil le luach nan ioma-billean, chan ann a-mhàin
airson dhibhearsain ach le buaidh agus comas air leth ann an ionnsachadh agus
trèanadh, a’ ceangal dhaoine air feadh an t-saoghail agus ann an
coimhearsnachdan iomallach. Tha sinn air
ar dòigh glan a bhith a’ co-obrachadh le MG ALBA agus Bòrd na Gàidhlig gus an
cothrom seo a thabhann gus am bi cothrom aig oileanach Gàidhlig cuideachd
ionnsachadh ciamar a thèid leasachadh a
dhèanamh air aplacaidean ùra, bogaidh ann am mas-fhìorachd agus fìorachd-mheudaichte a chuireas taic
ri luchd ionnsachaidh na Gàidhlig.”

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “Chan e a-mhàin
gu bheil miann mòr aig MG ALBA ann a bhith a’ leasachadh na Gàidhlig thar
ùrlaran mheadhain traidiseanta leithid rèidio agus Tbh ach thathas daingeann gus
dèanamh cinnteach gu bheil àite aig a’ Ghàidhlig ann a bhith a’ leasachadh chruthan ùra de na meadhanan
cruthachail anns an 21mh linn. Tha sinn gu
mòr air bhioran a bhith a’ cur taic ris an sgeama sgoilearachd a bheir cothrom
do neach a tha dealasach mun Ghàidhlig agus mu mhas-fhìorachd an cuid dùil a
thaobh foghlam agus dreuchd a mheudachadh taobh a-staigh na roinne air leth
cudromach seo. Tha sinn cuideachd toilichte gum faigh ùrlar LearnGaelic
buannachd às an eòlas a thogas an neach a bhios soirbheachail. ‘S e gnìomhachas
cruinneil a tha ann an Gèamaichean
Reachdmhor agus Mas-fhìorachd agus bu mhath leinn dèanamh cinnteach gum bi
pàirt aig a’ Ghàidhlig ann mar chànan beothail.”

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard Bòrd na Gàidhlig: “Tha a
bhith a’ brosnachadh na Gàidhlig agus a bhith a’ misneachadh dhaoine a bhith ga h-ionnsachadh
agus ga cleachdadh aig cridhe obair Bòrd na Gàidhlig agus sinn daonnan a’ strì gus na dòighean ùra sin a choileanadh. Tha ùidh againn ann a bhith a’ faighinn
barrachd a-mach mu ciamar as urrainn do theicneòlas ghèamaichean agus mas-fhìorachd a bhith
feumail gus taic a chur gu ionnsachadh agus cleachdadh agus tha sinn cho
toilichte a bhith nar com-pàirtiche ann an sgeama a bhios ag àraich ghoireasan
ùra, didseatach airson
Gàidhlig. ’S e cothrom sònraichte a tha
seo airson cuideigin an cuid sgilean ann an teicneòlas gheamaichean agus ann an
Gàidhlig a leasachadh is cothrom ann gun cuirear gu ùr-ghnàthachail ri mar a
tha daoine ag ionnsachadh, a’ cleachdadh agus a’ toirt fa-near don Ghàidhlig
san 21mh linn”.

Tha cùrsa MSc ann an Gèamaichean Reachdmhor agus Mas-fhìorachd a’ tabhann do dh’oileanaich
sgilean gluasadach airson a bhith a’ dealbhachadh, a’ leasachadh agus a’
sgrùdadh ghèamaichean agus choltachaidhean
airson diofar raointean cur-an-gnìomh agus airson rannsachadh eadar-roinneil a dhèanamh
air aplacaidean teicneòlais gheamaichean, gu h-àraid ann an cùram-slàinte,
foghlam agus trèanadh.

Thèid sgoilearachd LearnGaelic a thabhann do aon neach a tha a’
fuireach san Rìoghachd Aonaichte no san Aonadh Eòrpach, a tha gu gnìomhach an
sàs ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig Albannach, no aig a bheil fìor ùidh is
miann, agus a thèid an sàs sa phrògram MSc san t-Sultain 2017. Feumaidh
tagraidhean a bhith a-staigh ro 4 Lùnastal 2017.

Airson an tuilleadh fiosrachaidh air Maighstireachd ann an Gèamaichean Reachdmhor agus Mas-fhìorachd agus
ciamar a thèid tagradh a chur a-steach airson sgoilearachd LearnGaelic, tadhail
air: http://www.gsa.ac.uk/learngaelic

MSc ann an Gèamaichean
Reachdmhor agus Mas-fhìorachd: http://www.gsa.ac.uk/seriousgames

Airson tuilleadh fiosrachaidh bho GSA: Lesley Booth; 0779 941 4474; press@gsa.ac.uk; @GSofAMedia
Airson tuilleadh fiosrachaidh bho MG ALBA: Viktoria
Marker; 0141 422 6582; viktoria.marker@mgalba.com

Airson tuilleadh fiosrachaidh
bho Bhòrd na Gàidhlig: Murchadh
Moireasdan; 01463 225 454 / 07983 445158; murchadh@gaidhlig.scot

Fiosrachadh airson luchd-deasachaidh
Bidh an neach soirbheachail na neach-ionnsachaidh Gàidhlig, aig a bheil
dealas pearsanta ann a bhith a’ faighinn gu ìre fileantais agus comasach, cur gu susbainteach ri leasachadh innealan agus ro-innleachdan ionnsachaidh, didseatach, ùra airson Gàidhlig. Thèid cùmhnant obrach pàirt-ùine a thairgse
airson obair air pròiseact LearnGaelic (www.learngaelic.scot) airson fad na cùrsa agus thèid cosgaisean
na cùrsa a phàigheadh.

MG ALBA
Tha MG ALBA a’ maoineachadh agus ag obrachadh BBC ALBA, an t-seanail
telebhisean Gàidhlig, ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC. Bhon a chaidh BBC ALBA
air an èadhar air 19 Sultain 2008, ’s e prìomh amas leantainneach MG ALBA a
bhith a’ toirt raon farsaing de shusbaint de dh’àrd-feabhas ann an Gàidhlig gu
luchd-amhairc telebhisein agus luchd-cleachdaidh air-loidhne, a bhith a
brosnachadh gabhail-pàirt didseatach tro FilmG http://filmg.co.uk agus pròiseactan eile, agus a’ cur taic ri luchd-ionnsachaidh tro
LearnGaelic www.learngaelic.scot.

Tha obair sgioba agus com-pàirteachas aig cridhe na tha sinn a’ dèanamh
agus còmhla le ar com-pàirtean tha sinn a’ strì gus dèanamh cinnteach gu bheil
a’ Ghàidhlig air a cluinntinn agus air a cleachdadh gu bitheanta agus gu
saoirsneachail sna meadhanan agus ann am beatha sòisealta agus cultarach na
h-Alba. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil
tàlantan air leth aig luchd-ionnsachaidh agus aig luchd-labhairt aig a bheil
Gàidhlig on ghlùin agus tro iomairtean leithid FilmG agus LearnGaelic leanaidh
sinn ann a bhith a’ brosnachadh agus a’ cruthachadh chothroman.

Tha MG ALBA maoinichte le Riaghaltas na h-Alba agus riaghlaichte le
Ofcom. Tha sinn stèidhichte ann an Steòrnabhagh, le làthaireachd ann an Inbhir
Nis agus Glaschu. Geallaidh sinn
spionnadh agus brosnachadh a thoirt tron Ghàidhlig agus tro na Meadhanan.

Bòrd na Gàidhlig
‘S e dleastanas Bòrd na Gàidhlig a
bhith a’ brosnachadh agus a’ leasachadh na Gàidhlig. ‘S e ar lèirsinn gum
bi a’ Ghàidhlig seasmhach sna bliadhnaichean air thoiseach, mar chànan
brìoghmhor is neartmhor agus gun tig meudachadh air cleachdadh agus air spèis
dhaoine dhith ann an Alba ùr-nòsach, ioma-chulturail agus ioma-chànanach.
Tha sinn ag amas air àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig a mheudachadh agus
na cothroman a th’ ann do dhaoine an cànan a chleachdadh a chur am meud, a
thuilleadh air ìomhaigh a’ chànain agus a’ chultair a thogail ann an Alba is
thall thairis. Tha sinn ag obair le iomadh buidhinn poblaich ann a bhith a’ leasachadh
planaichean cànain Gàidhlig, le buidhnean coimhearsnachd agus eile tro
thaic-airgid airson an cuid obrach agus phròiseactan, a thuilleadh air a bhith
a’ comhairleachadh Mhinistearan na h-Alba agus daoine eile air leasachadh na
Gàidhlig.